Inicio Top Música Bad Bunny Música Cristiana Taylor Swift Ed Sheeran Luis Fonsi Ozuna Daddy Yankee J Balvin Maluma DMCA

Letra de 'Ceud Failt' Air Gach Gleann' de Kathleen MacInnes - Escucha y canta en New Musica

Varios-artistas

Gospel Hits Internacionais

Varios-artistas

Dancing Kids

Varios-artistas

Musica sin copyright para directos

Varios-artistas

Mood Booster

Artist profile picture

Ceud Failt' Air Gach Gleann

Kathleen MacInnes

Canciones

Ceud fàilt' air gach gleann
'S air na beanntannan mòr
'S iad a chuimhnich dhomh 'n t-àm
Ghabh mi sannt air bhith beò
Nuair a bha mi ri fonn
Còmh' ri clann 's iad ri spòrs
Mu bhruaichean nan allt
'S iad nan deann bho gach lòn

'S iomadh creag agus càrn
'S iomadh gàrradh is bruaich
Aig 'n do shìn mi ri sgàth
A huile là bhithinn fuar
'S ged bu lìonmhor mo chàirdean
Bha pàirt dhiubh gun truas
'S an tè shaothraich rim thàladh
A' cnàmh anns an uaigh

B' òg a chreach am bàs mi
Aig aois a dhà no trì
Cha b' urrainn dhomh bhith dàna
'N lùib mo chàirdean airson sìth
Nuair thugadh bhuam mo mhàthair
An uair sin dh'fhàgadh mi
Mar neach air thuar bhith bàthte
Nach b' urrainn snàmh gu tìr

Ghabhainn comhairle gach aon
'S dh'fhàg siud faoin mi nam dhòigh
'S mi falbh mar a dh'fhaodainn
Tro shaoghal nam beò
Chuir mi ùidh anns gach sìon
A bhiodh a' riarachadh m' fheòil
'S cha robh càs a bh' ann riamh
Nach robh triall air mo thòir

'S cluinnidh mise daonnan
Aig daoine nach eil òg
Gur lèir dhaibh mar tha 'n saoghal
A' caochladh cho mòr
'S gur e fìor dhuine dall
Bhiodh a' samhlachadh stòir
Ri beatha chlann nan daoine
Nach fhaod fuireach beò

Ach seo cuimhneachan dom chàirdean
An là bheir mi suas
'S don mhuinntir nì mi fhàgail
Anns an fhàsaich air chuairt
Bidh bàrdachd Chlann Dòmhnaill
Na ceòl aig an t-sluagh
Là nach cluinn sibh mo chòmhradh
Is mo chòmhnaidh san uaigh

Inicio Top Música Bad Bunny Música Cristiana Taylor Swift Ed Sheeran Luis Fonsi Ozuna Daddy Yankee J Balvin Maluma DMCA